Mar sin, ar leam gur e àm math a th’ ann, tràth bìdh Iapanach a dheasachadh dhuibh mar is gnàth le muinntir na dùthcha seo bhith dèanamh aig an taigh. Tha caochladh seòrsachan bìdhe rim faotainn an lùib seo; ach ‘s e is ni do thràth bìdh Iapanach am bitheantas: - bobhla ruis, picillean de sheòrs’ air choireigin, bobhla beag brot miso (le dà sheòrsa lus, no stuth-bìdh eile na bhroinn), truinnsear le feòil no iasg grìosaichte, (no bruich), agus soitheach beag eile le sailead, no lusan chaoin-bhruich na bhroinn.
Gabhar biadh mar seo a h-uile latha ann an Iapan sa chumantas, agus is seiseach leams’ e gun teagamh sam bith. Bidh mi ag ionndrainn na bìdhe seo gu mòr nuair a thilleas mi. Seo dhuibh samplair de shuidhe–bidh sìmplidh traidiseanta a ghabhas dèanamh aig an taigh gu soirbh.
Cungaidhean-bìdh.
An toiseach, cheannaich mi pacaid beag Asari (あさり) Ruditapes decussate. ‘S e seòrsa bhainteag a th’ annta (Japanese littleneck clam) sa Bheurla.
Mu dheireadh, fhuair mi òrd èisg air am bheil “karei” カレイ an Iapanais. ‘S e seòrsa fhleogan a th’ ann an karei – mar lèabag. Agus, seo agam letheach dheth.
Cha do chosg seo uile ach mu 800 yen. Airson a’ bhrot miso, tha taois miso

Raidis daikonAn Rus
Sa chiad dol a-mach, tha mi a’ sgoladh dà chupa ruis corra uair ann an uisge, agus an uair sin a’ suidheachadh a’ chucair-ruis (rice cooker) airson an ruis a bhruich. Tha rus Iapanach mar is trice feumach air sgoladh uisge a thoirt dha mus bruichear e.
Brot Miso
An uairsin, deasaichear am brot miso. Dh’ fhàg mi na bainteagan beò fad 30 mionaid ann an uisge saillte ach am biodh iad glan nuair a chuireas mi anns a’ phoit iad. Chuir mi am mekabu a-steach ann an uisge goileach fad 3-4 mionaidean gus an robh e air a ghormadh gu h-iomlan.
An fheamainn air gormadhCha eil agam an uairsin ach sùgh-èisg a dhèanamh agus na bainteagan a bhruich corra mionaid. Suathar an taois miso troimh shìolachan anns an t-sùgh. ‘S e seo am brot miso deiseil.
An SaileidTha mi a’ mìn-shlisneadh a’ raidis daikon, agus a bhogadh ann an uisge fuar gus cur às do ghairgead sam bith a dh’ fhaodas bhith ann. Sin e deiseil!

An t-Iasg – an lèabag.
Salann is piobar – a-steach sa phrais le beagan ola. Cuibhrig meatailt ga chòmhdachadh. Iasg – deiseil!
.jpg)
Houji Chaほうじ茶 – Tì uaine ròsta (Tì an fheasgair)
Coire air an teas. Duilleagan tì sa phoit. Gaoir is stoth a’ choire. Dòrtadh sa phoit-teatha. Duilleagan sùghaidh, tì chùbhraidh – deiseil!
Suidheachadh a’ bhùird an seo ma-tà.

An ruis le cularan saillte.
An t-iasg grìosaichte le beagan sabhs sòighia
Am Brot Miso le bainteagan is mekabu.
An Raidis daikon mìn-shlisnichte le sabhs saileid (aojiso), sgeadaichte le pìosan nori.
An tì uaine ròsta (bancha)
Làmh fhada agus cead a sìneadh!








