Tha cor na feadhnach a tha geur air biadh ùr, math air leasachadh bho chionn ghoirid, co-dhiù timcheall air Drochaid an Eilean Sgitheanaich agus na h-àiteachan faisg air. Anns a' Chaol, gheibhear a' Bhùth Bheag a tha a' sònrachadh ann an toradh na mara gu h-àraid, ach a tha cuideachd na delicatessen anns am faighear càise, dearcan-ola agus iomadh rud sòghail eile. Tha an t-iasg agus maorach aice fìor ùr, is iad ann an deagh chuladh.
Bhon a bha mi ann an Iapan, tha mi a-nis air leth dèidheil air toradh na mara, agus chan e maorach is iasg a-mhàin a dh'itheas mi, ach feamainn!! Bha a' Bhùth Bheag ann an Caol Loch Aillse a' reic feamainn chaoinichte turas a bha mi ann. Cheannaich mi pacaid, agus 's ann à Èirinn a thàinig i. www.seaveg.co.uk à costa glan Dhun nan Gall anns an iar-thuath. Tha oifis aca ann an Roslin, Meadhan Lodainn, a rèir coltais.
Airson brot do 2 -3 daoine, feumaidh tu:
- cnap ìme
- uinnean beag, geàrrte ann am pìosan garbha
- buntàta (mu cheithir buntàta meadhanach mòr), geàrrta ann am pìosan
- 1 -2 churran bheag, geàrrta ann am pìosan
- min-choirce (làn do chròig)
- salann is peabar, (meud a rèir na tha a' còrdadh riut)
- sùgh èisg (gu leòr airson na glasraich a chòmhdachadh, chleachd mi 1 chiùb Knorr)
- Binigear braiche (spàin-teatha/bhùird a rèir do mhiann)
- feamainn mheasgaichte, làn do chròig den stuth tioram (chleachd mi pacaid de "Mixed SeaVeg" anns a bheil slòcan, duileasg, smeartan agus spirulina.)
- cana tùna (no iasg sam bith eile).
An Dòigh
- An toiseach, cuir an fheamainn gu bogadh ann an uisge fuar fad greiseag. Nuair a dh'atas i, tha i deiseil airson cleachdadh.
- Leagh an cnap ìme ann am poit dhomhainn air teas 3/4 (dealan), teas meadhanach màlda.
- Bruich an uinnean gus am fàs e tais.
- Cuir am buntàta agus curra(i)n ann, agus cùm ort gam bruich air teas meadhanach fad 10-15 mionaidean.
- Cuir salann is peabar ann a rèir do mhiann.
- Cuir a' mhin-choirce ann agus measgaich gu math i an lùib na glasraich.
- Cùm ort ga bruich air teas meadhanach màlda fad mu 4-5 mionaidean.
- Cuir an ciùb de shùgh èisg Knorr ann, agus dòirt uisge teth air uachdar, gus a bheil e a' còmhdachadh a' bhìdh anns a' phoit.
- Measgaich gu math a h-uile sìon, agus cùm ort ga chaoin-bhruich gus am bi a' ghlasraich maoth.
Faodar a-nis am binigear braiche a chur ann ma thogras tu. Tha mi fhìn a' meas gu bheil e a' cur ris a' bhlas.
An Ceum Mu Dheireadh
- Cuir an tùna ann, agus tog a' phoit far an teas.
- Cuir an fheamainn ann, agus measgaich gu math. (No faodaidh tu an fheamainn a chur anns a' bhrot nuair a bhios e ann am bobhlaichean dhaoine).
Puing chudromach ri thoirt fa-near.
Tha e cudromach nach tèid an fheamainn a bhruich cus, oir aon uair 's gu bheil i air at, tha i deiseil airson ithe. Bidh an fheamainn mì-bhlasta 's air a slaopadh ma bhruicheas cus i, seach a bhith ga cur gu dìreach anns a' bhrot dheasaichte.
0 comments:
Post a Comment