Saturday, 18 September 2010

Aran-coirce le Feamainn Wakame




Anns a' phìos seo, cha mhòr nach eil mi air mo bhuaireadh gus ceann-tiotal a leithid "Biadh Albannach air amaladh le biadh Iapain" a chur ann; ach ann an dòigh, bhithinn fada ceàrr gearr-thuairisgeul mar sin a thoirt air an aiste seo.

Chan fhada bhon a bha feamainn glè chumanta air bùird chidsin ann an dachaighean air feadh Eileanan agus coimhearsnachdan oirthireach na Gàidhealtachd. Agus, coltach ri ar co-Cheiltich, na Cuimrich, bhathar a' gabhail feamainn mar bhiadh an lùib a' mhìn-choirce.

San latha a th' ann, tha seòrsa bìdh a tha iad a' deasachadh anns a' Chuimrigh air a bheil "Aran Slòcain". Tha slòcan (uaireannan: slabhagan, slabhcan, slabhacan) na fheamainn dearg - "porphyra umbilicalis" - a gheibhear ann an cruth slamanach anns na bùithtean an sin.

Cruth slamanach slòcain anns a' Chuimrigh

Nì iad bonnach coirce air muin na feamnach, ga fhrithigeadh le hama na chois.

Aran-slòcain na Cuimrigh


Ann an Iapan, tha an fheamainn a bhios iad a' cleachdadh airson sushi a dhèanamh càirdeach ri slòcan. 'S e "Nori" an t-ainm Iapanach air Porphyra Tenera. Gheibhear ann an cruth slamanach e a cheart choltach ri slòcan anns a' Chuimrigh, ach le siùcar, sabhs soighia agus nithean eile a chuireas blas ris. 'S e an cruth as cumanta anns an lorgar nori ge-tà, agus air as motha bheil de aithne taobh a-muigh Iapain, ach na duilleagan tioram tana criospach coltach ri pàipear mar anns an dealbh seo shìos.


Bidh luchd-deasachaidh a' pasgadh cuid de na pìosan sushi anns an fheamainn seo, nori. Agus 's e sin as ciall don t-seòrsa sushi air a bheil "Maki-zushi (巻きずし) Tha "Maki" a' mìneachadh mar a thathar a' cuairsgeadh an sushi anns an fheamainn, ga phasgadh ann an cumadh rola.

Niste, 's tric a bhios mi a' deasachadh aran-coirce aig an taigh oir tha e blasta, fallain agus furasta a dhèanamh. Ach, 's minig cuideachd a bhios mi a' teasachadh brot le wakame - seòrsa feamainn eile à Iapan. Wakame - duilleagan na feamnach duibhe Àisianach (Undaria Pinnatifida) a tha coltach ri mircean (alaria esculenta)

Chan e feamainn dearg a th' ann an Wakame ge-tà. 'S i feamainn bhuidhe (Algae donn) a th' ann. (Undaria pinnatifida) Agus, tha wakame air a bhuain bhon duilleag mhòr, no an liadhag a tha a' fàs air stamh na feamnach - 's e sin cas na feamnach. Bho chionn ghoirid, thathar a' tòiseachadh air reic na buinneagan a tha a' fàs aig bun na feamnach, agus canar mekabu riutha seo.

Niste, 's e mircean an t-ainm Albannach air an fheamainn alaria esculenta. 'S e sin feamainn bhuidhe eile a gheibhear bho chladach na h-Alba agus a ghabhas ithe.

Chithear gu bheil crios anns a' mheadhan - ' s e sin stamh no cas na feamnach, agus an rùsg no an liadhag air gach taobh. Tha liadhag a' mhircean coltach ri Wakame.

An-dà, bha bobhla beag wakame air fhàgail agam nach do chuir mi anns a' bhrot a bh' agam an latha roimhe. Mar sin, shaoil mi gur e deagh bheachd a bh' ann, an fheamainn bhruich ghorm seo a chur anns a' mhìn-choirce agus ga fuine an cois an arain-choirce san àmhainn. 'S e sin an dearbh rud a rinn mi agus fhuair mi aran-coirce le Feamainn Wakame mar thoradh! Blasta, criospach, cruasbach agus fallain!

0 comments: