Anns na taighean-bìdh seo (a tha dha-rìribh nan taighean oir, gu math tric 's ann a bhios teaghlach ga ruith bhon taigh aca fhèin), gheibhear teishoku (brìgh: tràth-(bìdh) suidhichte) no set-meal, aig àm nòin no àm dìnneir - agus tha na tràthan-bìdh suidhichte seo gan tairgsinn aig prìs reusanta saor eadar ¥500~¥1,500 (eadar £2.00 - £10). Bidh cuid aca fosgailte gu 10 uairean air an oidhche.
Mar a tha "Truinnsear tòiseachaidh, prìomh thruinnsear agus am mìlsean" stèidhichte againne, 's ann a tha rian-ithe aig muinntir Iapain cuideachd. Ach, tha an rian-ithe seo gu tur eadar-dhealaichte. Aig tràth-bìdh an taighe, no anns na taighean-bìdh teishoku, gheibhear :
- bobhla beag brot miso
- bobhla beag ruis
- meanbh-thruinnsear de dhiofar phicilean slisnichte
- prìomh thruinnsear (iasg no feòil)
- truinnsear beag de ghlasraich
- truinnsear beag de shailead is annlan....
SHOUGAYAKI
San reasabaidh seo, thathar a' cleachdadh stiallaich thana de mhuc-fheòil bho leasradh a' bheathaich. Tha an fheòil air a bogadh ann an lionn de shake, dhinnsear sgrìobte, mirin (fìon-ruis milis) agus sabhs soighia.
Tàth-chuid
An lionn bogaidh (A):
1 spàin de shake
1 spàin de dhinnsear sgrìobte
1 spàin de mhirin2 spàin de shabhs soighia
Eile
Leth-uinnean mòr, mìn-shlisnichte
Stiallaich thana leasradh mhuc-fheòil
Dòigh chòcaireachd
1. Measgaich a h-uile rud (A) airson an lionn bogaidh a dhèanamh.
2. Càraich na stiallan feòla sinte ann an soitheach leathann tana, agus taom an lionn (A) orra. Fàg iad gam bogadh mu 20 mionaid.
3. Frighig na sliseagan uinnein sa phana ann am beagan ola.
4. Frighig na stiallan muc-fheòil air teas meadhanach àrd.
5. Taom an còrr den lionn (A) anns a' phana. Leig leis còcaireachd rud beag a bharrachd.
NB1.
Bithear gu tric a' riarachadh seo le bobhla ruis, bobhla brot miso, agus le sailead de chàl geal sgrìobte.
Eisimpleir de Shougayaki
NB2.Mura faigh thu grèim air stiallan tana leasraidh, tha e ceart gu leòr pìosan nas tiugha a chleachdadh. Ach, bidh agad ri bhith gam bruich nas fhaide mun tèid an lionn (A) a dhòrtadh orra. Seo na rinn mi fhìn.

0 comments:
Post a Comment