Rolaichean no 'baps' Albannach, agus aran-coirce fodhpa.
Aran dearcach (fìon-dearcan caoinichte) agus aran-cruithneachd Eadailteach.Airson dà lof de aran-cruithneachd a dhèanamh, feumaidh:
Mìn chruithneachd - 350g (3 cupannan)
Mìn lom (gheal) - 300g (2 is trì chairteal de chupa)
Uisge meadh-bhlàth - 1 is cairteal de chupa/300ml
Beirm *grad-phùdar - 2 mheanbh-phacaid (sachet)
Salann - 2 -3 spàinean-teatha
Siùcar - 1 spàin-teatha
*Ola chroinn-ola - 3-4 spàinean (roghainneil)
1) Cuir an t-uisge meadh-bhlàth ann am bobhla beag leis a' bheirm agus an t-siùcar na chois. Fàg seo 10 mionaidean.
2) Criathraich an dà sheòrsa mìn ann am bobhla, agus measgaich iad seo agus an salann le chèile gu math.
3) Dèan toll ann am meadhan a' mheasgachaidh, agus dòirt an cothlamadh de dh'uisge, beirm is siùcar ann. Cuir an t-ola ann cuideachd aig an ìre seo ma bhios tu ga chleachdadh.
4) Measgaich le spàin agus aon uair 's gu bheil a' mhìn agus an t-uisge uile air tighinn còmhla nan cnapan, tòisich air na cnapan a thoirt còmhla le do làmhan gus taois a dhèanamh.
5) An uair sin, cùm a' dol a' fuine na taoise fad mu thuaiream air 10 mionaid, a' crathadh mìn gheal a bharrachd oirre ma dh'fhàsas i ro steigeach.
6) Nuair a dh' fhàsas an taois sùbailte, rèidh agus caran righinn, tha an t-àm ann tàmh a leigeil leatha, còmhdaichte fad 30-40 mionaidean ann an àite blàth. Fàg an taois gus a bheil i dà uair nas motha na bha i.
7) Roinn ann an dà bhuileann i, agus dèan beagan fuine a bharrachd ma dh'fheumas tu mun toir thu cumadh air an dà lofa. 'S fhiach pàtran a sgoradh le sgian air mullach nan lofannan airson 's gun drùidh teas na h-àmhainn tron aran gu lèir.
8) Bruich ann an àmhainn iad air treidhe fad 30-40 mionaidean aig teas 200 puing celsius.
9) Leig leotha fuarachadh air racais.
------------------------------
Aran Dearcach na h-Eadailt
Liosta Tàthchuid
mìn-lom - 12 unnsa/350g
fìon-dearcan caoinichte (raisins) - 1 chupa gu leth
ìm (neo-fhuaraichte) - 2 spàin gu leth
beirm - 1 mheanbh-phacaid (sachet) de ghrad-phùdar no 25g de bheirm ùr
uisge meadh-bhlàth - 150ml/5 unnsaichean lionnach
salann - 2 spàin-teatha
siùcar - 2 spàin-bhùird
Dòigh
1) Bogaich na dearcan caoinichte ann an uisge tlàth fad 10-15 mionaidean airson an taiseachadh.
2) Deasaich a' bheirm anns an uisge mheadh-bhlàth le luchd spàin-teatha de shiùcar. Fàg 10 mionaidean e, no mar sin.
3) Criathraich a' mhìn ann am bobhla mòr domhainn, agus cuir an salann 's an còrr den t-siùcar na lùib. An uairsin, taom a-steach an cothlamadh-beirme agus measgaich e.
4) Nuair a thig am measgachadh ri chèile na chnapan, dèan fuine an taois gus am fàs i sùbailte, rèidh. Leig tàmh leatha, còmhdaichte ann an àite blàth, gus a bheil i air a leudachadh dà uair nas motha; (mu leth-uair - uair a thìde).
5) Traogh na dearcan, agus crath beagan mìn-lom orra airson an tiormachadh.
6) Nuair a bhios an taois air dùblachadh, dèan fuine a-rithist i, ach an turas seo, tha thu a' filleadh an ìm 's na dearcan a-steach don taois fhad 's a tha thu ga fuine le do làimh.
7) An uairsin, roinn i na cuibhreannan co-ionann, crath beagan mìn gheal orra, agus dèan rolaichean fada dhiubh.
8) Fàg iad còmhdaichte fad 30 mionaid a bharrachd.
9) Cuir ann an àmhainn aig teas 200 puing celsius iad, air treidhe a th' air a crèiseadh.
10) Bruich fad mu thuaiream air 20 mionaid iad.
2 comments:
Tha sin a' toirt uisge glas fom fhiaclan-sa, gu dearbh fhèin! A bheil na reasabaidhean ann idir? Cha do lorg mi iad (fhathast - bidh mi fhathast a leughadh - beachdan math ann)! Mòran taing!
isbeal
Tha dà dhòigh dheasachaidh ann dhut a-nis. Mòran taing airson a bhith gan leughadh.
Post a Comment