Sunday, 7 February 2010

Sliasaidean circe gam bogadh air dòigh Iapanach *no Teriyaki

An toiseach, mus tèid sinn an sàs anns an reasabaidh fhèin. 'S fhiach a bhith mothachail nach e "Teriyaki" dha-rìreabh a tha seo. Ann an "teriyaki", thathar a' bogadh na feòla ann an sabhs sòighia air a mìlseachadh le fìon-ris milis (mirin) agus sake - agus 's e seo dìreach na bhios sinn a' dèanamh anns an reasabaidh seo shìos. Ach, gus "teriyaki" ceart a dhèanamh, thathar an uair sin a' grèidheadh na feòla gus a bruich, mar air "barbecue" no ga grisg fo bhranndair dealain. Feumaidh teas àrd dian. Agus, 's e sin na th' ann an Teriyaki ceart a rèir mar a thuigeas na h-Iapanaich fhèin am facal. Thathar a' dèanamh na feòla le còmhdachadh lìomharra sabhs soighia milis, ('s e sin "teri" 照り - còmhdachadh lìomharra) agus ga bruich fo lasair àrd, dian (dealain no eile). (yaki -焼き) Ann am Beurla, 's e Teriyaki a tha iad a' toirt air an t-sabhs fhèin...


Chun an reasabaidh ma-tà!

' S iad sliasaidean circe as fheàrr airson seo air sàilleabh 's mar a nì iad sabhs math gleansach.

Grìtheidean

4 sliasaidean circe

Sabhs - 4 spàin-bhùird sake
4 spàin-bhùird mirin (sake milis)
3 spàin-bhùird sabhs soighia

3 spàin siùcair

2 spàin ola

Seasaman *craiteachan no dhà

Dòigh còcaireachd


1) Briog na sliasaidean circe le forc corra uair.

2) Caraich iad ann am bobhla anns an sabhs.

3) Fàg ann mu 10 - 20 mionaid.

4) Teasaich an t-ola ann am pana grìosaich, agus cuir na sliasaidean circe ann. Gleidh an sabhs anns an robh iad.

5) Grìosaich na sliasaidean (teas meadhanach àrd) agus leig an corr den ola às a' phana an dèidh mu 10-20 mionaid.

5) Còmhdaich am pana agus cùm a' dol a' grìosachadh nan sliasaidean gus a bheil iad bruich nam broinn.

6) Dòirt an sabhs orra, agus cuir an siùcar ann.

7) Thoir crathadh air a' phana gus a bheil na sliasaidean air an còmhdachadh gu leìr leis an t-sabhs.

8) Nuair a dh'fhàsas iad gleansach lìomharra, caraich air truinnsearan iad, agus crath an seasaman orra.

Tha iad math le saileid no glasraich sam bith. Bidh na h-Iapanaich gan ithe le raidis geal sgrìobte mar annlan, a thuilleadh air ris, is brot miso.

Sin agad e! Ith do leòr.

0 comments: