Tuesday, 19 January 2010

Biadh Iapain ga dheasachadh ann an Alba

Cha b' e gun robh mi ag ionndrainn biadh Iapain; tha gu leòr de bhiadh Albannach, Sasannach agus Eòrpach an seo a tha a' tighinn rim chàil cho mòr 's nach eil mi a' caoidh cion a' chothroim air sushi no dad eile dhen t-seòrsa sin. Tha Macraes Butchers ann an Caol Loch Aillse a' reic currain cho math 's cho mòr air an do bhlais mi riamh nam bheatha agus feòil eireachdail leithid sitheann airson stiùbha. Cha chreid mi gun tig mi thairis air currain cho àlainn blasmhor riutha ann an àite eile a-chaoidh sìorraidh.

'S e a th' ann ge-tà gu bheil an cuimhneachan a th' agam air blas biadh Iapain agus an t-eòlas a th' agam air cho fallainn is a tha na co-thàthan a tha fillte anns na bathair bìdhe a thig na chois, leithid wakame (feamainn Àisianach a tha càirdeach ri mircean), agus soba (noodles dèanta air cruithneachd-buidhe), gam sparradh gu an cur fam chomhair a-rithist 's a-rithist, agus fa comhair dhaoine eile nach do dh' fheuch orra riamh roimhe. Tha e cho math dhuinn aghaidh a chur ri rudan ùra, nach eil? Chan eil rian nach tig iad ri càil dhaoine nuair a chì iad cho sìmplidh ach fhathast cho fallainn agus blasta a tha iad.

Co-dhiù, dh'òrdaich mi corra bhathar-bidhe à "Ionad Iapain" air-loidhne (japancentre.com) ann an Lunnainn) agus ràinig iad gu sgiobalta sa phost an t-seachdain sa chaidh. Dìreach beagan bathair a tha deatamach ann a bhith a' toirt fìor bhlas dearbhta dùthchasach air a' bhiadh. Feumar sin gun teagamh, oir chan eil a h-uile glasraich is gearradh feòla a th' againn sna bùithtean an seo cho coltach ris an fheadhainn thall an sin, ann an cumadh nì motha ann am blas.


Seo an soba noodles a rinn mi aig an taigh an t-seachdain sa chaidh. Chan eil agad ach an goil 4 mhionaid 's am fuarachadh le bhith a' sruthladh uisge fuar orra gus nach bi iad a' fàs ro thais. Mura dèan thu seo, cumaidh an t-uisge teth gam bruich, ged a tha iad air an toirt às.


Nithear sùgh èisg ann am poit air leth bho phoit nan noodles. An uair sin, cuirear stealladh de shabhs sòighia ris an t-sùgh a rèir do mhiann fhèin, agus dìleag bheag de mhirin (fìon-ruis mhilis) agus sake. Dòirt am brot lionn seo air na noodles ann am bobhla domhainn, no cuach , agus an uairsin faodaidh tu glasraich sam bith eile a chòrdas riut a chuir ris. Bidh mi fhìn a' cur na feamnach ud, wakame, agus dinnsear sgrìobte san t-sùgh agus nì sin a' chùis dhòmhsa!

Mùthaidh mi air co-dhiù dà no trì bhobhla dhen stuth a dh' aon ruith!

0 comments: