
Seo reasabaidh a thog mi à làrach eile (Rampant Scotland), ach le beagan atharrachaidh.
Grìtheidean
Cearc shlàn
Leth-chupa ola tana còcaireachd
Cairteal cupa mil
salann
piobar
spàin no dhà de ròs-Màiri (tioram no ùr)
sgeallan dijon (no eile)
Airson an t-sabhs - mìn-fhlùr (dà spàin), ìm (cnap math), bainne slàn (srùbag)
1) Sàth sgian tana air feadh na circe agus càraich ann an soitheach-casaroil i. Tha tuill ann airson gun drùidh am brolamas seo a-steach gu furasta ann an sitheann na circe.
2) Measgaich a h-uile grìtheid eile ann am bobhla agus taom air a' chearc iad.
3) Dèan cinnteach gun tèid a' chearc a chòmhdachadh air fad.
4) Cuir ceann air an t-soitheach-casaroil agus càraich san àmhainn e, aig mu 190-210 puing celcius.
5) An dèidh mu leth-uair a thìde, thoir an ceann far an t-soithich agus cuir air ais e san àmhainn. Leigidh seo cothrom dhan chearc ruadhadh.
6) Nuair a bhios a' chearc air a bruich uile gu lèir, thoir às an àmhainn e.
Airson an t-sabhs
a) Ann am poit bheag, leagh an t-ìm agus crath a' mhìn-fhlùr a-steach ann. Bruich mu dhà mhionaid e,agus an uairsin cuir an lionn is lìth a th' aig bonn an t-soithich-casaroil ris anns a' phoit.
b) Thoir gu goil e. Bidh an t-ola air a sgaradh bhon t-sabhs, mar sin cha leig thu a leas ach an t-ola seo a thraoghadh às.
c) Cuir dìleag bhainne ann agus cùm a' dol ga chur mun cuairt, 's ga theasachadh.
d) Thèid an sabhs a lùghdachadh, agus bidh e deiseil an uairsin airson gabhail leis an t-sitheann agus glasraich sam bith eile a ghabhas tu na chois!
Ith do leòr!
FACLAN FEUMAIL
sgeallan - mustard
dìleag - a dash of
taom air a' chearc iad - pour them onto the chicken
càraich ann an soitheach-casaroil i - place it in a casserole dish
brolamas - mixture
Cuir ceann air an t-soitheach-casaroil - put a lid on the casserole dish
Leigidh seo cothrom dhan chearc ruadhadh.- this will allow the chicken to brown
crath a' mhìn-fhlùr - sprinkle the flour
air a sgaradh - separated
cha leig thu a leas ach - all you need to do is....
an t-ola seo a thraoghadh - .....drain this oil
ga chur mun cuairt - stirring it
sitheann na circe - the flesh of the chicken
0 comments:
Post a Comment