Sunday, 26 April 2009

Suidhe-bìdh Iapanach

Bhon a bhios mi a’ falbh a-rithist ag imeachd air ais do Alba ann an ùine nach bi fada, tha an t-sean-fhacail “nì an imrich thric an àirneis lom” a’ tighinn a-steach orm an-dràsta, ach gu dearbha, ged a tha an àirneis agam a’ sìor fhàs lom ‘s mi ullachadh airson imeachd, tha mo phraisean ‘s mo shoithichean agam fhathast.

Mar sin, ar leam gur e àm math a th’ ann, tràth bìdh Iapanach a dheasachadh dhuibh mar is gnàth le muinntir na dùthcha seo bhith dèanamh aig an taigh. Tha caochladh seòrsachan bìdhe rim faotainn an lùib seo; ach ‘s e is ni do thràth bìdh Iapanach am bitheantas: - bobhla ruis, picillean de sheòrs’ air choireigin, bobhla beag brot miso (le dà sheòrsa lus, no stuth-bìdh eile na bhroinn), truinnsear le feòil no iasg grìosaichte, (no bruich), agus soitheach beag eile le sailead, no lusan chaoin-bhruich na bhroinn.

Gabhar biadh mar seo a h-uile latha ann an Iapan sa chumantas, agus is seiseach leams’ e gun teagamh sam bith. Bidh mi ag ionndrainn na bìdhe seo gu mòr nuair a thilleas mi. Seo dhuibh samplair de shuidhe–bidh sìmplidh traidiseanta a ghabhas dèanamh aig an taigh gu soirbh.

Cungaidhean-bìdh.

An toiseach, cheannaich mi pacaid beag Asari (あさり) Ruditapes decussate. ‘S e seòrsa bhainteag a th’ annta (Japanese littleneck clam) sa Bheurla.

Bainteagan sgruigeanach Iapanach (Asari no Ruditapes decussate)

Cheannaich mi mekabu めかぶ.
Mekabu
‘S e seo seòrsa dh’ fheamainn a tha in-ichte. Roimhe, cha b’ e ach duilleag bhàrr na feamad seo Undaria pinnatifida,(wakame) a bhathas a’ reic, ach bho chionn beagan bhliadhnaichean, thathar a’ reic an duilleach aig bun na feamad cuideachd. ‘S e an duilleach, buinneagan na feamad – ‘s e sin an liadhag agus an stamh (‘an duilleag mhòr agus a’ chas air am bheil e fàs). ‘S e an gnè Eòrpach a tha càirdeach rithe – mircean.( alaria esculenta)

Mu dheireadh, fhuair mi òrd èisg air am bheil “karei” カレイ an Iapanais. ‘S e seòrsa fhleogan a th’ ann an karei – mar lèabag. Agus, seo agam letheach dheth.

Cha do chosg seo uile ach mu 800 yen. Airson a’ bhrot miso, tha taois miso

Taois miso
sa frids agus airson picillean a chur còmhla ris an ruis, tha pìosan cularan saillte agam ann. Airson an t-saileid, tha cnap mòr raidis geal àisianach (daikon大根) agam mar an ceudna.

Raidis daikon

An Rus

Sa chiad dol a-mach, tha mi a’ sgoladh dà chupa ruis corra uair ann an uisge, agus an uair sin a’ suidheachadh a’ chucair-ruis (rice cooker) airson an ruis a bhruich. Tha rus Iapanach mar is trice feumach air sgoladh uisge a thoirt dha mus bruichear e.

Brot Miso

An uairsin, deasaichear am brot miso. Dh’ fhàg mi na bainteagan beò fad 30 mionaid ann an uisge saillte ach am biodh iad glan nuair a chuireas mi anns a’ phoit iad. Chuir mi am mekabu a-steach ann an uisge goileach fad 3-4 mionaidean gus an robh e air a ghormadh gu h-iomlan.
An fheamainn air gormadh

Cha eil agam an uairsin ach sùgh-èisg a dhèanamh agus na bainteagan a bhruich corra mionaid. Suathar an taois miso troimh shìolachan anns an t-sùgh. ‘S e seo am brot miso deiseil. An Saileid

Tha mi a’ mìn-shlisneadh a’ raidis daikon, agus a bhogadh ann an uisge fuar gus cur às do ghairgead sam bith a dh’ fhaodas bhith ann. Sin e deiseil!



An t-Iasg – an lèabag.

Salann is piobar – a-steach sa phrais le beagan ola. Cuibhrig meatailt ga chòmhdachadh. Iasg – deiseil!
Houji Chaほうじ茶 – Tì uaine ròsta (Tì an fheasgair)

Coire air an teas. Duilleagan tì sa phoit. Gaoir is stoth a’ choire. Dòrtadh sa phoit-teatha. Duilleagan sùghaidh, tì chùbhraidh – deiseil!

Seatadh a’ bhùird an seo ma-tà.



An ruis le cularan saillte.
An t-iasg grìosaichte le beagan sabhs sòighia
Am Brot Miso le bainteagan is mekabu.
An Raidis daikon mìn-shlisnichte le sabhs saileid (aojiso), sgeadaichte le pìosan nori.
An tì uaine ròsta (bancha)

Làmh fhada agus cead a sìneadh!

0 comments: