Thursday, 26 February 2009

Soupe à l’oignon gratinée (Brot-uinnean Frangach)

Grìtheidean

6 spàin-bhùird ìm
Spàin-bhùird ola olaidh
3 punnd dh’ uinneanan meadhanach, rùisgte,mìn-shlisnichte

1 spàin-teatha shiùcar
Salann
1 spàin-bhùird mhìn-fhliùir
8 cupannan shùgh mairtfheòil
2 chupa fìon searbh geal
Peabair dubh ùr-bhleithte
1 bhaguette
1 phunnd chàise Gruyere, na chriomagan


Seòl

Leagh 3 spàin-bhùird dhen ìm agus an t-ola ann am prais mhòr throm. Cuir na h-uinneanan a-steach ann, cuir ceann air a’ phrais agus bruich mu 20 mionaid, gan suathadh mun cuairt gus am bith iad tais, trì-shoillseach. Àrdaich an teas gu meadhanach-àrd agus cuir an siùcar agus salann ann. Cum a’ dol gam bruich, gan cur mun cuairt gu tric is minig ach am bi iad glè thais agus òrdhonnach.

Lùghdaich an teas gu meadhanach, crath a-steach beagan fhliùir agus bruich iad, gan sìor chur mun cuairt fad 2-3 mionaidean. An uairsin, cuir mu dhà chupa dhen t-sùgh ris agus coimeasgaich, ‘s an dèidh sin, cuir an còrr de na 6 cupannan sùigh agus am fìon. Saill agus peabraich a-rèir do bhlas fhèin agus caoin-bhruich fad 30 mionaid e. Feuch blasad dhen t-sùigh, ach am bi e a-rèir do thoil fhèin.

0 comments: