Sunday, 1 February 2009

Sgonaichean Mìn-choirce

Grìtheidean
(airson 8 sgonaichean)

175g Mìn-chruithneachd (mìn-fhliùr àbhaisteach)
50g Mìn-choirce
2 spàin-teatha Mìn-sgrisleach (Cream of Tartar)
1 spàin-teatha sòda bith-charbonach
Craiteachan salainn
50g ìm no margarain
150ml bainne

An toiseach, criathraich a’ mhìn-fhliùr ann am bobhla. Measgaich a-steach na grìtheidean tioram uile. Suath am margarain, no an t-ìm, ann uile gu lèir.

Dèan toll anns a’ mheadhan agus taom a-steach am bainne. Measgaich a h-uile sian ach am faighear taois.

Cuir a-mach air bòrd-fuine i agus na dìochuimhnich mìn-fhliùr a bharrachd a chrathadh air, gus nach lean an taois ris. Cha leigear a leas ga taoisneachadh cus mus gabh a leanachadh aig an deireadh.

Gheibhear air 8 sgonaichean (trì-cheàrnach) a ghearradh àiste gu nàdarra.

Fuin ann an àmhainn teth iad (220 ceum celcius) fad 10 mionaidean, air neo, air greideal teth fad 10 mionaidean ach a’ cur car dhiubh leitheach àm na còcaireachd gus am bi iad òr-dhonn air an dà thaobh.

0 comments: