Monday, 19 January 2009

Bruthaist na beatha!

Bruthaist ùr?

Chan eil fhios an do rinn cuideigin rudeigin coltach ri seo, ach co-dhiù, bha mi a’ toirt sùil air leabhar biadh albannach agus bha reasabaidh ann airson Sùgh Chàise Cheddar Albannach.

Anns an reasabaidh seo, bithear a’ grìosachadh mìrean uinnein ann an ìm sa phrais, agus a’ cur mìn-chruithneachd riutha, ‘s gam bruich fad beagan mhionaidean. An uairsin, lìonar a’ phrais le uisge no brìgh fheòil de sheors’ air choireigin agus bainne. Bithear ga thoirt chun ghoil, agus an uairsin a’ lùghdachadh an teas mun tèid an càise a chur ann.

‘S e rinn mi fhìn cia-tà, ach seorsa bruthaist, ‘s cha b’ e, sùgh.

Bruthaist na beatha!

(Bruthaist le uinnean, uisge-beatha agus càise Cheddar Albannach)

Airson dithis no triùir.

Cungaidhean

Leth-uinnean, sgudaichte
Bobhla beag de chàise Cheddar Albannach, 12 mìosan air abachadh
Mu 2 unnsa ìm (cnap de mu 6cm air 3)
Spàin-bhùird de dh’ uisge-beatha
Da spàin-bhùird de mhìn-choirce mheadhanach
Bainne is uisge, leth mar leth a lìonas prais bheag
Boiseag de phearsal ùr.


An toiseach, bhruich mi pìosan sgudaichte de leth-uinnean ann am beagan de dh’ìm. Chuir mi mu dhà spàinne-bhùird mhìn-choirce mheadhanach ann agus chum mi a’ dol ga bhruich corra mhionaid.

Bha a’ mhìn-choirce a’ donnachadh agus a’ leantainn ri tòin na praise, mar sin dheth, chuir mi a-steach mu spàinne-bhùird a dh’ uisge-beatha (mac na braiche), agus rinn sin na bhios fìon dearg no geal a’ dèanamh - a’ maothachadh an stuth cruaidh an tòin na praise ach an tèid a sgrìobadh aiste. (deglazing sa Bheurla)

An uairsin, thaom mi a-steach uisge agus bainne, leth mar leth. Chuir mi a-steach spìosraidh mar chnò mheannta, peabair is salann, agus fiù ‘s craiteachan dinnsear bleithte!

Thug mi chun ghoil e, agus lean mi orm ga chaoin-bhruich beagan mhionaidean a bharrachd, agus ga chur mun chuairt corra uair.

Aig an deireadh, leag mi an càise Cheddar Albannach (seadh, fhuair mi càise Albannach ann an Iapan) anns a’ phrais, agus leig mi leis leaghadh agus tlàmachadh leis an t-sùgh mus do chuir mi romham fhèin e anns a’ bhobhla! Ghabh mi le pearsal ùr e agus brobhd mhòr arain!
Dealbh air eisimpleir de nadh' fhaodadh a ghabhail mar annlan leis no an dèidh na bruthaist.
aran-buntàta nira air liatas, sliasaid mhairteòil le sabhs soighia agus sgeallag.

0 comments: