Roimhe, chroch mi an reasabaidh air a’ bhlog seo airson aran-buntàta agus ‘s ìongantach mur nach eil daoine eòlach air a’ bhiadh mheasail seo air feadh Bhreatain is Eirinn – ‘s chan ann a-mhàin Alba.
Saoil an tug muinntir Bhreatainn agus Eirinn feart gu bheil an dòigh air aran-buntàta a dheasachadh gu math math coltach ris a' bhiadh Eadailtich, gnocchi, ach a-mhàin gun cuirear uighean agus gum bruichear ann an uisg’ e?
Cha tug no mise, gus an do thòisich mi air an aran-bhuntàta agam fhìn a dhèanamh. Aon uair ‘s gun tug mi sùil air bhideo frangach a bha a’ sealltainn ciamar a nì gnocchi le bloinigean-ghàraidh, ‘s ann an uairsin a mhothaich mi dè cho cosail ri chèile is bha sin agus aran-buntàta!
Seo dhuibh biadh a bhios mi a’ dèanamh gu math tric aig an taigh, ‘s mi a’ fuireach ann an Iapan. Gu math tric, bidh mi a’ cleachdadh grìtheidean Iapanach no Aisianach ann am biadh Albannach. Mar eisimpleir, san reasabaidh seo.
Aran-buntàta le saidse-gairleag nira.
Niste, ‘s e a th’ ann an nira am facal Iapanais air lus a tha air ùr thighinn a-steach bho chionn ghoirid gu Ameireaga agus dhan Roinn-Eòrpa. ‘S e seorsa gairleag agus saidse a th’ ann aig an aon àm. Allium tuberosum is ainm laideann dha. Ma dh’ fhaoidte gum bi e doirbh lorg fhaighinn air ann an Alba, ach tha mi smaointinn gun dèanadh saidse fhèin a’ chùis mura faigh. Tha blas Nira coltach ri saidse ach le tòchd a’ ghairleag tighinn bhuaithe cuideachd.

Nira (saidse-gairleag)
Dòigh
An toiseach, dèan an t-aran-buntàta mar as àbhaist le bhith a’ bruich a’ bhuntàta ann an uisge goileach le salainn, agus ga phronnadh leis an ìm.
Dèan nighe an saidse-gairleag, air neo an saidse a-mhàin, agus bruich ann am prais e gun ola no geir sam bith, ach am bi e deiseil. Faodaidh tu an saidse-gairleag a phronnadh no a mhìn-sgudadh mus fill thu a-steach dhan bhuntàt’ e.
Thathar an uairsin a’ filleadh a’ mhìn-fhlùir a-steach ann mar as àbhaist ach am faighear taois nach lean ris a’ bhùird-fhuine agus a tha furasta a dh’ obrachadh.
Suathaich a’ phrais le beagan ìm no margarain, agus bruich mar sin fhèin iad air dà thaobh.
Sin agad e!

‘S toigh leam fhìn a bhith gam praighigeadh a-rithist as dèidh làimh ann an ola olaidh, ach cha leig thu leas sin a dhèanamh idir.

‘S iomadh tionndadh eile a th’ orra. Ma chuireas tu ugh anns an taois le càise, gheibh thu aran-buntàta le càise! Tha sin blasta cuideachd. ‘S ann a-rèir de do bhlas fhèin a tha seo.
An uairsin tha na toppings a-rèir do thoil fhèin mar an ceudna.

0 comments:
Post a Comment