Dheasaich mi biadh dùthchasach Albannach an-diugh. Eun-bhrìgh – sin agad (brot no eanraich feòil-circe ), agus creamh, sin agad leigis (leek) agus dh’ obraich e gu math. Tha ainm eile air - Sugh creamhach.
Feumaidh tu:
Poit mhòr!
Creamh – tòrr dheth (ceithir no còig dheth).
Eun slàn airson goil.
Copan rus
Plumbaisean seargta (prùnaichean)
Salann
Piobair
Lìon a’ phoit le uisge agus cuir gu leòr salann is piobair ann.
An toiseach, tha thu a’ goil an eòin fad 1.5 gu 3 uairean a thìde (a-rèir a mheud), no gus am bi a fheòil maoth. Nuair a bhios e deiseil, thoir an t-eun às a’ phoit agus cuir an fheòil is na cnàmhan air leth a chèile.
Cuir an rus agus na plumbaisean seargta geàrrte anns a’ phoit agus thoir goil bheag fad 20-30 mionaidean a bharrachd e.
Cuimhnich gu feum tu uaireannan an lith (an cop) a thogail den uachdair feadh na còcaireachd. Bu chòir gu bheil an eanraich glan is gun chop air uachdair.
Sin agad e! Cho furasta sin. Faodar an fheòil a chur air ais dhan phoit, air neo, ga cleachdadh airson biadh eile a dhèanamh. Mas e ‘s gur e biadh Albannach eile nad bharail, dh’ fhaodadh tu sabhs ugh no sabhs capair a dhèanamh a thèid còmhla ri an fheòil.

0 comments:
Post a Comment