Tuesday, 23 September 2008

Buntàta fìonach is mìn-choirc’

An toigh leat buntàta? An-dà, seo seorsa de bhiadh ùr a rinn mi. Sìmplidh, ach blasta dhomhsa. (leis gur fìor thoigh leam mìn-choirce ann an rud sam bith!)

‘S e “Buntàta fìonach le mìn-choirc’” a thug mi air.

Feumaidh tu:

Ìm, ola olbh
Dà uinnean beaga, sgudaichte
Trì clòbhaichean ghairleag, mìn-shlisnichte
buntàta, ciùbaichte
beagan fìon geal
a’ dhealbh bheag sùgh liomaid
mìn-choirce, ghrèidhte (air neo, aran-coirce, mìn-bhriste)


Cuir na h-uinneanan is gairleag a-steach ann am prais dhomhainn leis an ìm ‘s ola, agus bruich iad greiseag.

Cuir am buntàta a-steach, agus cùm a’ dol a’ bruich a h-uile càil anns a’ phrais.

An uairsin, cuir a-steach an sùgh liomaid agus am fìon geal ‘s caraich ‘s measgaich a h-uile sian gu math ach nach tèid an stuth a losgadh am bonn na praise. Lùghdaich an teas chun ìre as ìsle, agus cur an ceann air a’ phrais.

Lean ort ga bhruich air teas ìseal, agus na dìochuimhnich salann agus piobair a chrathadh a-steach ann.

Mu dheireadh thall, nuair a tha e deiseal. Crath am mìn-choirce ann agus measgaich gu math e.

0 comments: