Far Breton
Bho chionn 4 no 6 mìosan, bha mi a’ toirt sùil air làrach-lion às an Fhraing, air a bheil tòrr bhideoan teagasgach. Tha iad air an roinn ann an seòrsachan – còcaireachd, ealan, saidheans agus cuspairean eile. An-dà, ‘s e làrach Fhrangach a th’ innte, mar sin, saoil dè an cuspair air an robh an ùidh as motha agamsa? Cha can mi an còrr!
Tha an reasabaidh seo cho sìmplidh eadhan gun deach agam fhèin air a dheasachadh!

Grìtheidean
250g de mhìn-fhlùir
200g de shiùcar
5 uighean
1l de bhainne
125g de phlumbaisean seargta
Ìm saillte
Dòigh
Measgaich am mìn-fhlùr agus an siùcar.
Cuir na h-uighean ris, agus measgaich.
Cuir am bainne ris agus measgaich.
Cuir an t-ìm anns an t-soitheach, agus leagh e anns an àmhainn.
Sgaoil an t-ìm anns an t-soitheach.
Taom an t-ullachadh uile anns an t-soitheach.
Cuir na plumbaisean seargta a-steach ann aon is aon.
Bruich mu uair a thìde ann an àmhainn ro-theasaichte aig 190 puing celcius.
Leig leis an fhar fhuarachadh fad uair a thìde.
0 comments:
Post a Comment