Friday, 22 February 2008

Coq au Vin (Feòil-circe ann am fìon dearg.)

Nuair a chuir mi rim shùil oidhirp a thoirt air Coq au vin an seo ann an Iapan, ‘s e leughadh alt a phiobraich an toiseach mi . Aithisg le Nigel Slater air 25 Samhain, 2001 anns The Observer, air an robh “Perfect Coq au Vin”!

Nach esan a bha togail cliù an t-soitheach ainmeil thraidiseanta seo sa chuid sgrìobhaidh. Tha e ga àrd-moladh, ga ghlòrachadh, agus an dèidh dhomh feuchainn mar a b’ fheàrr a b’ urrainn dhomh cumail ris an dòigh aige-san, tuigidh mi a bheachd! ‘S ann a tha mi ag aontachadh ri na thog e mu dheidhinn eachdraidh a’ choimisg bidhe seo. Mar a bhios a h-uile nì, is grìtheid bidhe a tha na lùib a’ freagairt a chèile agus nach gabh an sgaradh bho chèile. Mar a thathar a’ cumail cuimhne bho chian nan cian air an t-soitheach àraid àrsaidh seo, na dhearbhadh air a luach ‘s a chliù ‘s a bharantachd. Seo e ma-tà…an coimeasg a thug e dhuinn ach le beagan atharrachadh.

Coq au Vin

(Sàth ceathrar.)

Coileach mòr, geàrrta aig na h-altan ann an 6 no 8 pìosan; turasgar is closach glèidhte
Uinnean, curran agus corra eitean piobair airson an t-sùigh
150g hama tiugh neo-rèiste
30g ìm
2 uinnean meadhanach
Curran mòr
2 chlòmh gairleige
2 spn-bhùird mìn-chruithneachd
2 spn-bhùird cognac
Botail fìon dearg
Corra gheugan beaga lus an rìgh
3 duilleagan labhrais
40g ìm
12 uinnean beaga, rùisgte
200g balgan-buachair
Buntàta, ròiste, bruich no ceò-theasaichte.

Caraich an closach circe, leis a thurasgar is fuigheall nan cnàmhan ‘s na feòla na chois, ann am pana domhainn. Còmhdaich thairis le uisg' e, cuir uinnean agus curran ann, leth-dhusan eiteanan piobair slàn agus thoir chun ghoil e. Lùghdaich an teas agus fàg e na chaoin-bhruich gus am bi feum agad air.

Geàrr an hama na stiallan tiugha; cha mhòr nach fheum iad a bhith cho tiugh ri do lùdag. Bruich san ìm iad ann an soitheach-casaroile trom – bhiodh prais iarann geiltrigte dìreach taghta – agus fàg iad gam bruich air teas meadhanach. Measg an hama bho àm gu àm - chan fhimir gun tèid e na ruadhan – ‘s an uairsin, nuair a tha e òr-dhonn, tog às e ‘s a-steach ann am bobhla, a’ fàgail an geir sa phrais.

Saill ‘s peabraich na pìosan circ-fheòil agus caraich anns a’ gheir theth sa chasaroile iad, ach an teachd iad ann gu gaireil gun a bhith ro theann ri chèile ‘s nach bruichear iad. Cuir car dhiubh nuair is òrdhonn na taobhan ìochdar. Bu chòir an craiceann a bhith air dhreach na meala seach donn – ‘s e an dathachadh seo as deatamaiche do bhlas an t-soithich. Tog às a’ chirc-fheòil agus caraich anns a’ bhobhla e leis a’ hama. Is còir agad a-nis linnseag sglaidhp a bhith ann an tòin na praise (dith thiugh gheir). Thig mòran den tòchd is blas às an seo.

Fhad ‘s a tha a’ chirc-fheòil a’ dathachadh sa phana, rùisg agus garbh-ghearr na h-uinneanan ‘s an curran. Cuir na h-uinneanan ‘s an curran anns a’ phana, gun a’ chirc-fheòil, agus bruich air an socair iad, gan cur mun cuairt bho àm gu àm gus am bheil an t-uinnean air dhreach criostalach agus sgiom a' phana air a leaghadh beagan. Cuir ris an gairleag, rùisgte mìn-shlisnichte, san àm sin. Cuir a’ chirc-fheòil ‘s an hama air ais sa phana, suath a-steach a’ mhìn-chruithneachd agus leig leis a h-uile sian bruich fad mionaid no dhà mus dòirtear ann a’ chognac ‘s an fhìon, agus mus caraichear na luibhean fon na feòla gu seasgair. Taom làn-lèighean dhen t-sùgh-chirce caoin-ghoileach ach an lìonar thairis air a’ chearc. Thoir chun ghoil, ‘s an uairsin, ceart air dha bhith ri ghoil, tionndaich sìos an teas gus an sabhs a chaoin-bhruich. Cuir ceann air leitheach beul na praise.

Leagh an t-ìm ann am pana beag agus cuir ann na h-uinneanan beaga rùisgte, ‘s an uairsin na balgan-buachair, gan gearradh nan dà leth, air neo gan cairtleadh, ma bhios iad ro mhòr. Fàg iad gam bruich gus am bheil iad òrdhonn, agus an uairsin, cuir ris a’ chirc-fheòil iad le salainn is piobar. Thoir sùil air a’ chirc-fheòil an dèidh 40 mionaid feuch dè cho maoth is a tha i. Bu chòir dhi bhith tais ach gun a bhith a’ tuiteam far a cnàmhan. ‘S dòcha gun toir e uair a thìde, a-rèir an t-seorsa chirce a tha thu a’ cleachdadh. Tog a’ chearc às a’ phana ‘s caraich ann am bobhl’ i.

Tionndaich suas an teas fon t-sabhs agus fàg e na dhian-phlubadh ach an lùghdaichear beagan e. Mar a ghoileas an sabhs sìos, fàsaidh e nas tiugha – gun a bhith tiugh ge-tà – agus thèid e na lìomh.

Cuir a’ chearc air ais sa phana agus thoir seachad leis a’ bhuntàta i.

‘S e tionndadh Gàidhlig a tha seo air aithisg Beurla le Nigel Slater
video

0 comments: