Friday, 22 February 2008

Breacagan Taigeis ann an sabhs-uinnean geal.




Grìtheidean

Taigeis air a bhruich
2 bhuntàta mòr
4oz ìm
Craiteachan salainn
Uinnean mòr
Uisge-beatha


Cothlamadh Breacaig

6oz mìn-fhlùr lom
Ugh mòr
1 pinnt bainne
Ola


Sabhs

Leth-phinnt sùgh mairtfheòil
Uinnean mòr air a mhion-sgudadh
2oz ìm
2oz mìn-fhlùr
Craiteachan salainn is piobair
Uisge-beatha


Dòigh

Dèan nighe, rùsg agus an uairsin leth-bhruich am buntàta – leig leotha fhuarachadh, ‘s an uairsin geàrr nan ciùban de 1 ceudameatair. Cuir an dara taobh iad.

Cuir na grìtheidean uile ri chèile gus an cothlamadh breacaig a dhèanamh. Tog fad 2-3 mionaidean e, agus cuir am brolamas tro shìolachan.

Dèan breacagan tana le bhith a’ teasachadh pana-omelette crèisichte le ola gus an tig ceò às. Còmhdaich bun a’ phana leis a’ bhrolamais agus bruich fad 1 mhionaid e. Cuir car dhe agus bruich 1 mhionaid a bharrachd. Caith an cothlamadh breacaig uile.

‘S e an ath-cheum an sabhs a dhèanamh: Leagh an t-ìm ach am bi e donn; cuir an t-uinnean sgudaichte agus an t-uisge-beatha a-steach ann; cuir am mìn-fhlùr agus an sùgh (goileach) mun cuairt na cheann beag air bheag, ga chur mun cuairt fad na h-ùine ach am bi an sùgh ann uile. Thoir dha goil bheag ach am bithear deiseil a thoirt seachad do dhaoine.

Leagh an t-ìm ann an wok teth. Leig leis donnadh ‘s an uairsin grìosaich gu socair an t-uinnean mìon-gheàirrte ach am bi e maoth. Cuir uisge-beatha a-steach ann ‘s loisg e dheth.

Crathaich an taigeis a-steach dhan ìm ‘s na h-uinneanan ‘s cum a’ dol gam bruich air an socair. Cuir a-steach am buntàta glèidhte ann. Bruich fad 3-5 mionaidean a bharrachd ach am bi iad teth, ‘s an uairsin tog air spàinne an taigeis is cuir air breacag e. Roilig suas a’ bhreacag leis an stuth na broinn agus caraich air soitheach àmhainn dìonach crèisichte i. Glèidh san àmhainn iad fad 5 mionaidean.

Gabhaidh an toirt seachad leis an t-sabhs, agus air a sgeadachadh le beagan peirsill.
Faclan Feumail

Bruich – boil (potatoes); cook (in general)
Caraich air soitheach àmhainn-dìonach e – place it on an ovenproof dish
Cothlamadh breacaig – pancake mix
Craiteachan salainn – a pinch of salt
Crath – sprinkle
Cuir an dara taobh iad – Set them aside.
Cuir am brolamas tro shìolachan – pass the mixture through a sieve
Cuir X mun cuairt na cheann beag air beag – Stir X in gradually
Gabhaidh an toirt seachad~ – they can be served~
Grìosaich – (shallow) fry
Grìtheidean – ingredients
Leig leis ruadhachadh/donnadh – allow it to turn brown
Mìn-fhlùr lom – plain flour
Sùgh mairtfheòil – Beef stock
Taigeis – haggis
Tog – whisk (verb)

0 comments: