Wednesday, 10 October 2007

Staoig leasradh uachdair le sabhs fìon dearg

  • 2 mheanbhuinnean meadhanach, mion-ghrtte
  • 1/2 cupa fìon searbh dearg
  • 1/2 cupa sùgh (circe, mairt, uan-fheòil, no fiadh-fheòil)
  • 1 spàin-bhùird fìon-geur olach(balsamic)
  • 1 spàin-teatha sgeallag Dijon
  • 3 spàinean-bhùird ìm gun salainn, air a ghearradh na phìosan
  • 1 spàin-teatha duilleagan ùra lus-an-rìgh, mion-ghrtte
  • Salann agus piobar dubh bleithte, ri do bhlas fhèin

‘S e seo dòigh sìmplidh math gus diathad bhlasta shùghail a dheasachadh.


An dèidh dhuit na staoigean a ghrìosachadh air teas àrd ann an sgileid no aghann iarainn/grìosaich, thoir a-mach iad, ach glèidh an geir anns an robhas gam bruich. Bu chòir gu bheil corra phìosan donna de dh’fheòil air am fàgail anns a’ phana. Cuir na meanbhuinneanan a-steach agus bruich iad air teas ìseal ach am fàs iad trìd-shoillseach.


An uairsin, taom a-steach am fìon, ‘s an sùgh-feòil agus thoir gu goil. Ma sgrìobas tu bonn a’ phana le spàin-mhaide, gabhaidh na pìosan donna am filleadh a-staigh dhan t-saibhse. Tha thu ga ghoil ach an lùghdaicheas leth-chuid dhen lionn.

Lùghdaich an teas ach am bi e meadhanach, cuir am fìon-geur olach ‘s an sgeallag Dijon ris, agus bruich an sabhs ach am bi a thiughad ri do thoil. (Cha toir mi dhuit amannan bruich oir tha caochladh diofar stòbhan agus cucairean aig daoine.)


Ma chuireas tu ìm ris an t-saibhse, air dhuit an aghann a thoirt dheth an teine, cuidichidh sin ann a bhith ga thiughachadh, agus bheir e dha gleus mhath shlìogarra. Cuir lus-an-rìgh ùr ris agus dèan blasta e le salann is piobar.