Friday, 23 March 2007

Sukiyaki!

Sukiyaki!

An toigh leat am biadh ainmeil seo? `S e a th`ann ach pàirt dhen t-seòl-còcaireachd ris an canar “Nabemono” ann an Seapannais. `S e prais a th` air “nabe”, `s mar sin dheth, chan e ach “Biadh a tha air a dheasachadh ann am prais”. Mar as trice, `s ann am meadhan a` bhùird a thathar a` dèanamh “biadh-prais” - air stòbh beag. Tha dà sheorsa prais a thathas a` cleachdadh airson an t-seòl-còcaireachd seo. Am fear air a bheil sinn eòlach (cast-iron pot ann am Beurla), agus poit-creadha.

Airson Sukiyaki, bidh daoine a` gabhail cuibhreannan mar a thoileas iad bhon phrais seo anns a bheil measgachadh de ghlasraich le feòil-mhàirt agus tofu. `S e a th` anns an t-sùgh Sukiyaki – sabhs-soigha, siùcar, sake agus mirin. Leis gu bheil e cho teth, `s am prais a` goil mu do choinneamh, thathar a` bogadh an cuibhreann agad ann an ugh amh airson fhuarachadh.


A` gabhail cuibhreann às a` phrais agus ga bhogadh ann an ugh amh.

Seo an dòigh-còcaireachd:

An toiseach, thathar a` leaghadh blonag sa phrais, agus a` bruich an fheòil-mairt greiseag. An uairsin, thathar a` cur an càl sineach agus na glasraichean agus tofu uile ann agus a` cur riutha an sabhs-soigha, siùcar agus mirin. Tha an càl sineach gu math cudthromach, oir tha tòrr uisge a` tighinn às nuair a thèid a bhruich agus tha sin a` ciallachadh nach eil feum air uisge a chur ris a` phrais airson an t-sùigh.

Nuair a dh`èireas an t-sùgh, thathar a` cur an sake ris. Sin agad e!

0 comments: