Saturday, 3 February 2007

Pigheann/Pastraidh shortcrust


Cungaidh

2 chupa mìn-fhlùir
4 unnsaichean ìm (125g, 1 bata)
2 spàin-bhùird siùcar caster
buidheagan ùgh
1 spàin-bhùird uisge fuar
ìm airson a` suathadh an t-soitheach flana
pònairean sheacte no ris a lìonadh am pigheann


Dòigh

Ro-theasaich an àmhainn gu 180C/350F/Gas Marc 4.

Suath soitheach-flana le ìm.

Criathraich am flùir lom ann am bobhla mòr agus cuir an t-ìm ris. Suath an t-ìm sa mhìn-fhlùir ach am faighear measgachadh coltach ri pronnagan-arain agus cuir an siùcar ris. Measgaich gu math e. An uairsin, cuir am buidheagan agus an t-uisge agus measgaich ach an tèid e na thaois bhog. Dèan ball dhith.

Cuir a-mach am pastraidh eadar dà dhuilleag de dh`fhuirleach, briog le forc air fheadh agus lìon soitheach-flana leis. Còmhdaich e le film claonach agus càirich ann am fionnaradair fad 20 mionaidean.

An-dà, cuir pàipear greaseproof no foidhle air a` phastraidh agus sgaoil gu rèidh breath de phònairean sheacta no ris air. Fuin san t-àmhainn ach am bheil e deiseil. Leag às am pàipear, pònairean no ris.

0 comments: