Saturday, 3 February 2007

Flana/Paidh-ubhail le branndaidh agus siorap mèibeal

Pastraidh shortcrust

2 chupa mìn-fhlùir

4 unnsaichean ìm (125g, 1 bata)
2 spàin-bhùird siùcar caster

buidheagan ùgh
1 spàin-bhùird uisge fuar
ìm airson a` suathadh an t-soitheach flana

pònairean sheacte no ris a lìonadh am pigheann

An Lionan


Siorap mèibeal

Ubhlan (4, meadhanach mòr)

Ugh (2, air an togail)
Branndaidh

Fìon-dearcan sheacte

Siùcar donn

Dòigh

An toiseach, bog na fìon-dearcan sheacte ann an glainne bheag bhranndaidh.

Dèan am pastraidh shortcrust agus bruich ann an àmhainn e fad 15-20 mionaidean.

An uairsin, slisnich na h-ùbhlain agus càraich gu grinn iad anns an t-soitheach flana.

Leagh an t-ìm, an siùcar donn agus an siorap mèibeal ann am pana fhad `s a tha thu gam measagachadh gu math, agus an uairsin, cuir dheth an teine.


Leig leis fuarachadh beagan, 's an uair sin, cuir an dà ùgh togte agus na fìon-dearcan sheacte anns a` bhranndaidh ris a` bhrolamais lionn. Tog gu math e.

Taom am measgachadh uile air na h-ùbhlan. Bruich ann an àmhainn aig 180 puing celsius fad 30-40 mionaidean.


0 comments: