Thursday, 4 January 2007

Sgrìob bìdh ort? Gabh sgonaichean ma-tà!


powered by ODEO

Feumaidh tu : 8 unnsaichean/2 chupa/250g flùr-èirigh (no mìn-fhlùir le 3 spàin-bhùird pùdar-fuine/sòda arain)

Craiteachan salainn

Ugh (air a thogail)

140ml/¾ chupa Uachdar (bàrr) (sin a chleachd mise, ged `s e
uachdar goirt” san reasabaidh)

1 oz/250g/¼ bhat` ìme

Dòigh

An toiseach, tha thu a` fasgnadh a` chungaidh thioram uile ann am bobhla agus a` suathadh an t-ìm a-steach gu math san fhlùir gu lèir.

An uairsin, tha thu a` toirt toll anns a` mheadhan agus a` taomadh an t-uachdar agus an t-ugh ann...mar seo



Ma mheasgaicheas tu ri chèile iad, bu chòir gum faigh thu taois bhog, shùbailte.



Tha thu ga fuine greiseag air bòrd-fuine còmhdaichte le flùr, agus ga cur a-mach (le do làmhan, no le rolar-fuine) gu mu leth-òirleach(1.2cm) a thiughad. Cùm a` dol ag obrachadh oirre, ach am faigh thu an cruth a thoilicheas tu.

Leis nach eil gearradair-sgona agam, bidh mi ga roinn le sgian ann an triantanan.

Feumaidh tu cuideachd an taois a bhriogadh le forc ceithir timcheall mun tèid i a-steach dhan àmhainn.


Ro-theasaich an àmhainn gu
200ºC/400ºF agus fuin iad fad 10-20 mionaidean.

Tha iad math le màgaraid no ìm agus silidh, no mil agus gu h-àraid tha iad nas fheàrr blàth.

Faclan Feumail

flùr-èirigh – self-raising flour
pùdar-fuine – baking powder
sòda arain – baking soda (Rosshire dialect)
Craiteachan – a pinch of
air a thogail – beaten
uachdar goirt – sour cream
bhat` ìme – stick of butter
a` criathradh/a` fasgnadh/a` cur tro shìolachan – sieve
a` chungaidh – the ingredients
a` toirt toll anns a` mheadhan – make a hole in the middle
taois- dough
fuine – knead/(N.B also means “bake”)
obrachadh air – kneading it
cur a-mach – roll out/pat out
rolar-fuine – rolling pin
a thoilicheas tu – that satisfies you (lit: that pleases you)
a` briogadh ceithir timcheall – prick all over
ceithir timcheall – all over (air feadh)
àmhainn – oven
màgaraid – margarine
silidh – jam
mil - honey



0 comments: