Saturday, 27 January 2007

Mousse a` Bhradain

Seo reasabaidh a fhuair mi bho mo mhàthair agus cuiridh mi dealbhan ris nuair a bheir mi dall air.


Cungaidh
: 1x8unns tiona bradan dearg
(roghainneil 2 shliseig bradan smocte)
4 spàin-bhùird rèidh de dheileatain
3 spàin-bhùird uisge teth
1 spàin-bhùird sùgh liomaid
¼ pinnt uachdar tiugh
¼ pinnt mayonnaise
salann & peabar
1 spàin-teatha Sabhs Lea Perrin

Traogh am bradan agus thoir às an craiceann agus na cnàmhan mum pronnar leis a` bhradain smocte e.

Cuir mayonnaise ris agus measgaich gu math e. Cuir salann `s peabar ris a-rèir do bhlais.

Tog an t-uachdar agus fill anns a` phurralais e.

Ruith an deileatain ann an uisge teth gun a bhith ga theasachadh ach mura leaghas ceart e. (Tha thu a` cur an deileatain ris an t-uisge seach na bhith a` cur uisge teth ris an deileatain. Ma dh`fheumas tu, teasaich am bobhla os cionn uisge teth. Na cuir uisge teth ris an deileatain air chor sam bith.)

Cuir an deileatain agus an sùgh liomain ris a` phurralais le bhith gam filleadh ann. An uairsin, gluasad gu ramaigeanan no gu mòlltair silidh e.

Ma `s e mòlltair a thèid a chleachdadh, suathaich gu spìocach le rud beag ola mun dèanar feum dheth.

0 comments: